Home > Event > Seanchas Dàna

Print of a drawing of a mermaid

Seanchas Dàna

Tha bunait ar saoghal culturail agus sòisealta ceangailte gu domhainn anns na linntean àrsaidh a dh’fhalbh.  Tha rudan a bharrachd air daoine a’ toirt buaidh orra: àiteachan, lusan, beathaichean, agus structaran àrsaidh ann an cruth na tìre.  Tha criomagan de shaobh-chràbhaidh ri fhaighinn fhathast, cuide ri beul-aithris air creutairean os-nàdarra, sìthichean agus taibhsean. Tha fionnsgeul, creideamh agus buaidh bho rudan a bharrachd air daoine, air am fighe a-steach dhan fo-mhothachadh choitcheann againn.

Tha Seanchas Dàna le Kathrhona Lawson, neach-ealain ann an Uibhist, a’ taisbeanadh sreath de chlò-bhualaidhean sgrion stèidhichte air beul-aithris Innse Gall, le tuairsgeul air na caractaran agus sgeulachdan na chois.

Kathrona Lawson:

“’S e miotas-eòlas nan eilean a tha a’ brosnachadh m’ obair.  Tha mi a’ sgrùdadh seann cheanglaichean, a’ toirt na tuairsgeulan teacsa às an cèile agus an uair sin gan aithris gu lèirsinneil mar shnàithlean bhon àm a dh’fhalbh.  Tha mi an dòchas gun gluais iad cuimhneachain air àiteachan a chaidh an diochuimhneachadh, no ’s dòcha gum brosnaich e daoine eile gus barrachd rannsachaidh a dhèanamh.  ’S e mo rùn-sa ceangal as ùr a chruthachadh le na sgeulachdan againn mus tèid an call.  ’S e tòiseach mu thuras leis a’ mheadhan-ealain clò-bhualadh sgrion-sìoda a th’ anns an cruinneachadh beag seo de chlò-bhualaidhean.  Thagh mi an dòigh-obrach seo airson eadar-mhìneachadh co-aimsireil, beòthail agus dàna a dhèanamh air beul-aithris Innse Gall.”

Chì sibh taisbeanadh Miotas-eòlas, an-asgaidh, ann an Gailearaidh a’ Chafaidh ann an Taigh Chearsabhagh, bho 1 Giblean – 30 Cèitean, Diluain gu Disathairne.  Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

Còir-deilbhe: Kathrhona Lawson.