Home > Event > Seiminear Metaphysical Cosmologies

Seiminear Metaphysical Cosmologies

Chì sibh clàradh den t-seiminear air 17 Faoilleach an seo: Seiminear Metaphysical Cosmologies

____

Tha Metaphysical Cosmologies le Meg Rodgers a’ sgrùdadh na dàimh againn leis a’ chruinne, bho thùrsaichean Chalanis, gu reul-eòlas ùr-ghnàthach an là an-diugh. Tha e ag amas air togail fhaireachdainn iongnadh, spioradach agus dìomhaireachd a tha sinne san chinne-daonna a’ ceangal leis a’ chosmas, agus soillearachadh a thoirt air an dorchadas ann an sgrùdadh fànais – truailleadh sholais bho shaidealan agus spruilleach.

Airson comharrachadh fosgladh Metaphysical Cosmologies, tha sinn a’ cumail seiminear le film, òraidean agus deasbad, air Disathairne 17 Faoilleach, bho 2f – 4.30f.

Nach tig sibh còmhla rinn airson a’ phrògram inntinneach seo, le iomradh air obair Metaphysical Cosmologies bhon neach-ealain Meg Rodger, film goirid air Calanis, agus òraidean is deasbad leis an Dtr Alison Sheridan agus an t-Ollamh Andy Lawrence. Airson crìoch a chur air an latha, tha dùil againn a dhol a-mach a choimhead na rionnagan an dèidh làimhe, ma bhios an t-sìde freagarrach!

Gheibh sibh tiogaid an-asgaidh airson Seiminear Metaphysical Cosmologies tron t-siostam thiogaidean air-loidhne againn gu h-ìosal. Ma tha sibh a’ glèidheadh thiogaid airson pàirt a ghabhail air-loidhne, cuiridh sinn ceangal Zoom thugaibh air an latha. (Feumaidh sibh tiogaid iarraidh ro mheadhan-latha air Disathairne 17 Faoilleach.)

Bidh ro-shealladh fosglaidh againn airson Metaphysical Cosmologies, ann an Taigh Chearsabhagh air Dihaoine 16 Faoilleach, 7f. Tha seo an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine cuideachd.

Nochd an obair aig Meg Rodger mar thoradh air mhuinntireas dhidseatach bhon RSA, cuide ri UistFilm, agus ùine rannsachaidh is leasachadh air a mhaoineachadh le Alba Chruthachail. Na lùib bha seachdain mar neach-ealain air mhuinntireas aig Amharc-lann Rìoghail Dhùn Èideann sa Ghearran 2025. Tha Meg Rodger a’ fuireach agus ag obair air Eilean Bheàrnaraigh. Tha i ag obair gu cruthachail le iongantasan nàdarra, le brosnachadh bho iom-fhillteachd, neart agus bòidhchead nan cuantan is fearann garbh. Leughaibh tuilleadh mun eadar-mhìneachadh chruthachail aig air Metaphysical Cosmologies an seo. 

Tha an Dtr Alison Sheridan na Rannsaiche aig Roinn Eachdraidh agus Arc-eòlas na h-Alba aig Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba; Rannsaiche Urramach ann an Arc-eòlas aig Oilthigh Dhùn Èideann; agus Iar-Cheannard air Arc-eòlas Alba. ’S ann ann an Linntean na Cloiche, Copair agus Umha ann am Breatainn agus Èirinn a tha an t-eòlas aice gu sònraichte agus tha i air Bòrd Urras nan Tursachan aig Calanis. Bheir i seachad a h-eòlas air eachdraidh, cleachdadh agus cudrom nan tursachan iongantach agus iom-fhillte seo, le eachdraidh a’ sìneadh mu 5000 bliadhna air ais.

Tha Andy Lawrence na Prof Regius ann an Arc-eòlas aig Oilthigh Dhùn Èideann agus ag obair air fiosaigs quasar ach tha obair for-ruigheachd, co-obrachadh ealain agus eachdraidh reul-eòlas a’ còrdadh ris cuideachd. Bho chionn ghoirid tha e air a bhith an lùib iomairtean airson àrainneachdas fànais. ’S e sgrìobh Losing the Sky (2021) a tha a’ toirt rabhadh air cuisean èiginneach co-cheangailte ri truailleadh shaidealan agus gnìomhachas neo-sheasmhachd fànais.

Tha Metaphysical Cosmologies ri fhaicinn an-asgaidh ann an Gailearaidhean 1+ 2, an-asgaidh, bho 17 Faoilleach – 28 Màrt, Diluain-Disathairne, 10m-4f. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.