Home > Event > Taisbeanadh a’ Gheamhraidh aig an UAA: Sìth

Taisbeanadh a’ Gheamhraidh aig an UAA: Sìth

Airson Taisbeanadh Geamhraidh na bliadhna-sa, tha Comann Ealain Uibhist a’ cur air adhart ‘Sìth’ mar chuspair an taisbeanaidh. Tha seo a’ nochdadh tro phìosan obrach beaga air an cur a-steach le buill ionadail a’ Chomainn. Bidh an luchd-ealain a tha a’ gabhail pàirt a’ cur sùim bhon teachd a-steach aca gu Medical Aid Palestine: buidheann dhaonnachdail stèidhichte san Rìoghachd Aonaichte a tha ag obair air feadh a’ Bhruaich an Iar, Gaza agus ann an campaichean fhògarrach Palestine ann an Lebanon.

Fosglaidh an taisbeanadh air Disathairne 8 Samhain agus tha fàilte oirbh tighinn cuide rinn dhan Chafaidh airson an fhosglaidh aig 4.30f.

Bidh mòran den obair ga thabhann ri cheannach, is pìosan ùra gan cuir ris bho àm gu àm, gus an tig an taisbeanadh gu crìoch aig an Nollaig.

Chaidh an Uist Arts Association (UAA) a stèidheachadh bho chionn còrr is 25 bliadhna le buidheann dhaoine aig an robh ùidh ann a bhith a’ brosnachadh agus a’ cuideachadh nan ealan ann an Uibhist, nan lùib bha luchd-ealain, luchd-ciùird, sgrìobhadairean agus iadsan aig an robh ùidh taic a thoirt do thachartasan ealain agus aire air na h-ealain.  Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh, le fios mu dheidhinn a bhith a’ gabhail ballrachd sa bhuidhinn, agus cuideachd mu obair bhuill, air làrach-lìn an UAA.

Chithear an taisbeanadh an-asgaidh, ann an Gailearaidh Cafaidh Thaigh Chearsabhaigh, 10m – 4f, Diluain gu Disathairne.  Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.