Home > Event > Taisbeanadh Ceum & Stiùidio Fhosgailte UHI

Taisbeanadh Ceum & Stiùidio Fhosgailte UHI

Taisbeanadh de dh’obair nan oileanach air NC Ealain & Dealbhadh agus BA (Urram) Ealain Fìnealta

Tha UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall moiteil fiathachadh a thoirt dhuibh gu Taisbeanadh Stiùidio Fhosgailte na bliadhna, a’ sealltainn obair nan oileanach bho chùrsaichean NC Ealain & Dealbhadh agus BA (Urram) Ealain Fìnealta.

Nach tig sibh còmhla rinn airson cuirm fosglaidh air Dihaoine 22 Cèitean, 6-8f, airson na h-oidhirp aca a chomharrachadh? Tha seo fosgailte don h-uile duine, le deochan rim faighinn cuideachd.

Tha an taisbeanadh bliadhnail a’ toirt ri cheile obair bho oileanaich na sgoil ealain air fad, a’ sealltainn ìre agus farsaingeachd na h-obrach ga dhèanamh thairis air an dà chùrsa ealain. Gheibh sibh sgrùdaidhean air cruthan-ealain, clò-bhualadh, dealbhan, stàladh-ealain, dealbhadaireachd, obair-fighe agus a bharrachd. An lùib na cuspairean a tha a’ nochdadh, tha draghan mu eag-eòlas agus àrainneachd, beachdan phearsanta agus cruinneil, agus rannsachadh stuthan.

A’ taisbeanadh bho chùrsa BA (Urram) Ealain Fìnealta tha: Maggie Barker, Chloe Munro, Julie Scremin, Niamh Bennett, Janet Beck, Natalie Cloughley-Macleod, Elizabeth French,  Aimee MacInnes, Sandra Robertson, Ania Rolinska, Caroline Williams and Charlotte Young. A’ taisbeanadh bho chùrsa NC Ealain & Dealbhachadh tha Niall T Caimbeul, Maggie NicLeòid agus Carmel Smith. Tha pìosan obrach ann rin ceannach, airson taic a thoirt don luchd-ealain san leasachadh chruthachail aca.

A bharrachd air taisbeanadh na Stiùdiothan Fosgailte, bidh Maggie Barker a’ sealltainn an Taisbeanadh Ceum aice, ‘listening…like a selkie’.

Chì sibh taisbeanadh na Stiùdiothan Fosgailte san Stiùdio, agus an Taisbeanadh Ceum ann an Gailearaidh 2 ann an Taigh Chearsabhagh, an-asgaidh, Diluain gu Disathairne, 10m-4f, bho 23 Cèitean-20 Ògmhios.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu chùrsaichean ealain agus roghainnean ionnsachaidh, tadhalaibh air: UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall

Ma tha ùidh agaibh ionnsachadh aig sgoil ealain UHI a Tuath, An Iar & Innse Gall, cuiribh fios thugainn:

Postd: LeArt@uhi.ac.uk

Instagram: @uhi_nwh_uist_artschool

Còir-deilbhe: Maggie Barker