Mar phàirt de dh’Fhèis Fiadh-bheatha nan Eilean, tha RSPB Innse Gall air cuireadh a thoirt do luchd-ealain agus dealbhadairean an cuid ealain le fiadh-bheatha nan eilean a thaisbeanadh. Tro ealain agus dealbhan, ’s urrainn dhuinn sealladh fhaighinn air na comharraidhean mhionaideach aig na h-èoin agus an fhiadh-bheatha a tha mu thimcheall oirnn, is sinn a’ faighinn cothruim beachdachadh air cho mìorbhaileach is iongantach sa tha iad. B’ e sin aon de na h-adhbharan a chaidh an Fhèis Fiadh-bheatha a’ stèidheachadh.
Thigibh còmhla rinn airson tachartas fosglaidh Operation: Broken Feather. Cluinnidh sinn bhon òraidiche air aoigheachd againn, an t-Àrd-ollamh Frank Rennie, ùghdar an leabhair ‘Corncrake: An Ecology of an Enigma’, a’ comharrachadh toiseach Fèis-fiadh Bheatha nan Eilean 2023. Bidh fàilte air gach duine chun an tachartais shònraichte seo, bho 2f air Diardaoin 22 Ògmhios.
’S iad Sharon Nic a’ Phearsain, Raphael Rychetsky, Vanessa Wright, Shona NicIllFhialain agus Ralph Tonge a tha a’ taisbeanadh an cuid ealain aig Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean am-bliadhna-sa.
Le taing do Siân Swinton a dhealbh am postair agus na brataich airson an taisbeanaidh seo. Chaidh an obair aig Siân a thaghadh à cruinneachadh a chruthaich oileanaich NC Ealain & Dealbhachaidh a bha ag obair ann an stiùidiothan Thaigh Chearsabhaigh, mar phàirt de UHI Innse Gall.