Home > Event > Taisbeanadh Fosgailte a’ Gheamhraidh 2023

Tracing of the UAA logo image of a bird flying over islands.

Taisbeanadh Fosgailte a’ Gheamhraidh 2023

A’ leantainn air soirbheas bhliadhnaichean roimhe, ’s e ‘Pìosan-obrach Beaga’ cuspair taisbeanadh a’ gheamhraidh seo, bhon Uist Arts Association.  Tha na taisbeanaidhean againn fosgailte do na buill againn gu lèir airson obair a shealltainn, agus tha sinn toilichte gu bheil obair bho oileanaich na bliadhna-sa air cùrsaichean ealain aig UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall. 

Thigibh còmhla rinn aig 7f air Diluain 13 Samhain, airson feasgar fosglaidh an taisbeanaidh, agus Seachdain Leabhraichean na h-Alba 2023, far am bi Helen Douglas a’ toirt seachad òraid mu leabhraichean luchd-ealain.  Tha fàilte blàth ron h-uile duine.

Chaidh an Uist Arts Association (UAA) a stèidheachadh bho chionn còrr is 25 bliadhna le buidheann dhaoine aig an robh ùidh ann a bhith a’ brosnachadh agus a’ cuideachadh na h-ealain ann an Uibhist, nan lùib bha luchd-ealain, luchd-ciùird, sgrìbohadairean agus iadsan aig an robh ùidh taic a thoirt do thachartasan ealain agus aire air na h-ealain.  bha UAA an lùib stèidheachadh Thaigh Chearsabhaigh.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh, le fios mu dheidhinn a bhith a’ gabhail ballrachd sa bhuidhinn, agus cuideachd mun obair aig na buill againn, air làrach-lìn an UAA.

Tha an taisbeanadh an-asgaidh, ann an Gailearaidh Cafaidh Thaigh Chearsabhaigh, 10m – 4f, Diluain gu Disathairne.