Home > Event > Taisbeanadh Sònraichte – PIKADERO + Q&A còmhla ris an Stiùiriche

A stylised image of a line-less art style featuring a cartoon man and woman sitting in a pastel red, white and blue bus stop on the center of the artwork. The landscape that surrounds them are muted green tones of forest trees on the left and right side in the middle ground, accompanied by more light green mountains in the very background.

Taisbeanadh Sònraichte – PIKADERO + Q&A còmhla ris an Stiùiriche

Na caillibh taisbeanadh sònraichte seo a’ chiad làn-fhilme le Ben Sharrock.

Gun chomas aca air imrich à taigh am pàrantan leis an èiginn eaconomaigich sa bheil an Spàinn, tha e duilich do chàraid òg an dàimh a thoirt gu buil. Mar as èiginniche a dh’fhàsas an gnothach dhaibh, agus gun airgead a phàigheadh prìs an taigh-òsta, ’s ann a thig orra bhith a’ lorg àiteachan poblach is ionadail a chleachdar airson feise. ‘S e pikaderos a chanar riutha sin. Ach chan eil cùisean riamh furasta dhaibh, agus chan fhada gus an cuirear an dàimh eatorra gu dùbhlan is iad a’ feuchainn ri faighinn cuidhte ’s cuingeal na h-eaconomaidh crìne.

Gheibhear tlachd àraid is annasach ann am Pikadero, agus e a’ cur am follais ìsleachaidhean sàmhach na h-èiginne eaconomaigich le sgeul sìmplidh a dh’fhuasglar tro dhealbhan mothachail de shuidheachaidhean àbhachdach tioram.

Chaidh an duais iomraiteach airson an Làn-fhilme Bhreatannaich as Fheàrr a bhuileachadh air a’ cho-riochdachadh Spàinnteach-Bhreatannach seo, a chaidh a stiùireadh leis an Albannach Ben Sharrock, aig Fèis-fhilme Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann ann an 2016. Tha am film ann an Euskara (Basgais) le fo-thiotalan Beurla. Rangaichte aig 12A.

Tha sinn air ar dòigh gu bheil an stiùiriche Ben Sharrock agus an Stiùiriche-Fotografachd aige gus tighinn a chèilidh oirnn airson Q&A an dèidh an taisbeanaidh.

Tiocaidean aig an doras £8 inc. VAT/£6 concs. Gus àite-suidhe a chaomhnadh dhuibh fhèin, cuiribh post-d gu andy@uistfilm.org