Home > Event > The Edge of the World + Return to the Edge of the World

A woman bent over a wooden mailboat box, sitting on a rock, with a blue background of contours, and the names of the film and funders in white.

The Edge of the World + Return to the Edge of the World

’S e ‘The Edge of the World’ am film adhartach aig an stiùiriche Mìcheal Powell, mu dheidhinn falmhachadh eilean iomallach ann an Innse Gall (1936, 75 mionaid).  Tha ‘Return to the Edge of the World’ a’ tighinn às a dhèidh, is Powell agus na tha air fhàgail de na cleasaichean agus criutha, a’ tilleadh gu Foula airson cuimhneachadh air na cleasan a bh’ aca nan òige (1978, 23 mionaid).

“Bha Powell iomadh bliadhna ag altram a’ phròiseict seo is dìoghras aige dhà, mu dheidhinn an fhrionas taobh a-staigh coimhearsnachd air eilean iomallach.  Bha an clàradh mòr fhada air eilean Foula buadhachd a thaobh ealain agus thug e ceum adhartach dha chùrsa-beatha.”  James Bell

Stiùiriche: Michael Powell. Le John Laurie, Belle Chrystall agus Finlay Currie.

Glèidhibh na tiogaidean agaibh tron t-siostam Pàigh na Thogras Tu, far am bi sibh fhèin a’ taghadh dè phrìs tiogaid a bu toigh leibh pàigheadh nuair a tha sibh ga ghlèidheadh.  Nam bu toigh leibh ur taic airson taigh-dheilbh neo-eisimileach a shealltainn, tha sibh làn di-beathte tabhartas airgid a thoirt seachad an dèidh an fhilm.

Tha na h-oidhcheannan film aig UistFilm gan cumail ann an Taigh Chearsabhagh, air an Disathairne mu dheireadh den mhìos.  Bidh dorsan a’ fosgladh aig 6.30f, agus filmichean a’ tòiseachadh aig 7f.

Airson fios às ùr air a’ phrògram agus fiosrachadh co-cheangailte, ’s urrainn dhuibh a’ chuairt-litir aig UistFilm iarraidh an seo.