Airson Film Dihaoine na mìos seo, tha UistFilm a’ tabhann Limbo, le sealladh às an àbhaist air beatha fhògarraich. Mas fhìor air eilean iomallach an Alba, tha buidheann air ùr nochdadh agus a’ feitheamh cluinntinn mun iarrtas comaraich aca. Nam measg tha Omar, fear-ciùil òg à Siria, a’ giùlain inneal-ciùil oud aig a sheanair, a tha air a bhith na chois bho dh’fhàg e a dhachaigh.
Air a sgrìobhadh agus air a stiùireadh le Ben Sharrock, chaidh am film a bhrosnachadh le sgeulachdan phearsanta bho charaidean ann an Damascus, far an robh e ag ionnsachadh goirid mus do thòisich an cogadh sìobhalta. Le uaisleachd sheasmhach nan caractaran aig Sharrock, tha draoidheachd an lùib Limbo a tha gar ceangal tro chultar agus mothachadh co-roinnte. Air a chur aig bhog ann an 2020, chaidh Limbo a chlàradh sa mhòr-chuid ann an Uibhist agus chithear grunnan dhaoine bhon àite ann. (Gheibh sibh a-staigh an-asgaidh ma bha sibh san fhilm!) Bidh na dorsan a’ fosgladh aig 6.30f airson tòiseachadh aig 7f.
Glèidhibh na tiogaidean agaibh tron t-siostam Pàigh na Thogras Tu, far am bi sibh fhèin a’ taghadh dè phrìs tiogaid a bu toigh leibh pàigheadh nuair a tha sibh ga ghlèidheadh. Nam bu toigh leibh ur taic airson taigh-dheilbh neo-eisimileach a shealltainn, tha sibh làn di-beathte tabhartas airgid a thoirt seachad an dèidh an fhilm.
Airson fios às ùr air a’ phrògram agus fiosrachadh co-cheangailte, ’s urrainn dhuibh a’ chuairt-litir aig UistFilm iarraidh an seo.
Tha filmichean UistFilm a’ faighinn taic bho FilmHub Scotland agus Institiùid Fhilm Bhreatainn.
