Home > Event > UistFilm Presents: Ride the Wave

UistFilm Presents: Ride the Wave

Ma gheibh e ceart e, bidh e an lùib na buidhne as fheàrr.  Ma gheibh e ceàrr e, bidh a’ bhuil eagallach.

An dèidh a bhith a’ gabhail pàirt ann am farpaisean surfadh air feadh an t-saoghail, tha Ben Larg, Albannach 14 bliadhna a dh’aois agus a choisinn ainm sàr-surfair fo aois 18 bliadhna, deònach a bheatha a chur an cunnart airson feuchainn air fear de na stuaghan fuar-uisge as motha agus as cunnartaiche san t-saoghal, ann am Mullaghmore, Èirinn.  Ma gheibh e ceart e, bidh e an lùib na buidhne as fheàrr.  Ma gheibh e ceàrr e, bidh a’ bhuil eagallach.  Cunnart, cothrom agus imcheist a’ dol an lùib a chèile, a’ putadh Ben agus a theaghlach gun fhios aca de tha an dàn dhaibh.

Tha UistFilm Presents na shreath de thaisbeanadh fhilmichean gach mìos, a h-uile Disathairne mu dheireadh den mhìos, aig Talla Chàirinis. Tha sinn fior thoilichte a bhith a’ sealltainn Ride the Wave. Cuiribh na tiogaidean agaibh an dara taobh gu h-ìosal, seach nach bi ach àireamh bheag dhiubh rim faotainn aig an doras.  

’S e film-aithriseach a th’ ann an Ride the Wave agus a fhuair taic-airgid bho Sgrìn Alba.  Fhuair am pròiseact cuideachd taic bho FOCUS, le Film City Futures agus Institiùd Film-aithriseach na h-Alba, agus Duais Pròiseact air a Bheilear ag Obair, bho Fèis Fhilmichean Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann.  Bhuannaich am film duais an luchd-èisteachd òg aig Fleadh Film Ghaillibh agus chaidh a thaghadh airson taisbeanadh Great8 aig Cannes 2021, agus air a sgaoileadh san Rìoghachd Aonaichte le Cosmic Cat.

“Tha am film seo a’ dèanamh far-chluais shocair air beatha teaghlaich, is seallaidhean bho dhròn ag itealaich a’ toirt lèirsinn tharraingeachd air oirthirean dhrùiteach, tràighean gheala gar dalladh, air am pògadh le dathan dorcha orains dol fodha na grèine is stuaghan meud bheanntan gam bualadh. Ach ’s ann ann an glèidheadh faireachdainn bhlàth mac an duine air fheadh a tha sgil MhicDhonnchaidh.”

— Screen Daily

“The film MhicDhonnchaidh sònraichte air tarraing a-mach na diofar nithean a tha a’ putadh Ben a dh’ionnsaidh là a’ chrannchair – a mhiann e fhèin a dhearbhadh, am feumalachd fàs mar surfair, a’ gheasachd dhomhain a tha aig stuaghan fìor-mhòr air.  Ach ’s e an coileanadh as motha a th’ aige ged tà, ’s e an dòigh anns a bheil am film cuideachd a’ dèanamh an gnothach air a bhith na fhilm mu dheidhinn phàrantachd.

— The Scotsman

Tha an Stiùiriche Martyn Robertson a’ leantainn an teaghlaich gu dlùth thairis air 3 bliadhna, fhad ’s a tha iadsan a’ cumail taic ri Ben a dh’ionnsaidh a mhiann.  Air a thaisbeanadh an toiseach aig Fèis Film BFI Lunnainn ann an 2021 agus air a sgrionadh aig Great8 aig Cannes, choisinn Ride the Wave duaisean air turas eadar-nàiseanta timcheall còrr is 25 fèis film air feadh an t-saoghail agus ga shealltainn ann an taighean-deilbh san Rìoghachd Aonaichte bho 9 Sultain 2022.  Air a riochdachadh le Blackhouse Films & Urbancroft Films, tha am film a’ faighinn taic bho Sgrin Alba, a’ faighinn riochdachadh bho Met Film Sales agus air a sgaoileadh le Cosmic Cat Films agus Verve Pictures.

Airson cinn-là taisbeanaidh agus na taighean-deilbh gu lèir, tadhalaibh air làrach-lìn Ride the Wave.

Ma ghlèidheas sibh tiogaid agus nach urrainn dhuibh tighinn ann air adhbhar sam bith, bhiomaid nur comain nan cuireadh sibh fios gu taigh@taigh-chearsabhagh.org gus an urrainn dhuinn a thabhann do chuideigin eile.