Home > Naidheachdan > Brath-naidheachd Thaigh Chearsabhagh: Gearraidhean taic-airgid CnES do na h-ealain + cultair

Taigh Chearsabhagh aerial view

Brath-naidheachd Thaigh Chearsabhagh: Gearraidhean taic-airgid CnES do na h-ealain + cultair

Tha Comhairle nan Eilean Siar a’ moladh an taic-airgid gu lèir do na h-ealain agus cultar sna h-Eileanan an Iar a ghearradh, gluasad a bheireadh buaidh sgriosail air buidhnean chultarail agus air na coimhearsnachdan againn a tha a’ faighinn buannachd às na prògraman beòthail is eadar-dhealaichte againn.

Tha Taigh Chearsabhagh a’ sgaoileadh taic-airgid na Comhairle tron obair againn ann an glèidheadh agus adhartachadh cànan is cultar na Gàidhlig, obair foghlaim is for-ruigheachd ann an sgoiltean is dachannan-cùraim, prògram beòthail eadar-nàiseanta de thaisbeanaidhean, ceòl beò agus sgrìneadh fhilmichean, agus a’ toirt chothroman do luchd-ealain, luchd-ciùil, sgrìobhadairean agus daoine òga. Bidh na gearraidhean a tha gam moladh nam buille chruaidh don roinn againn agus thèid milleadh a dhèanamh air cruth eaconamach, sòisealta agus cultarail nan eilean.

Tha sinn feumach air ur guth a chluinntinn.

Tha sinn a’ cur ìmpidh air a’ phoball gabhail pàirt ann an suirbhidh CnES air a’ bhuidseat agus aire a tharraing chun ghainneid taic-airgid do na h-ealain is buidhnean chultarail. Tha ur beachd cudromach – seo an t-àm airson gnìomh.

Ceann-là suirbhidh: Dihaoine 23 Faoilleach 2026

Thoiribh seachad ùr beachd an seo: Suirbhidh Bhuidseit Chomhairle nan Eilean Siar 2026/27

Buill Urras Thaigh Chearsabhagh