Home > Naidheachdan > Stiùiriche ùr do Thaigh Chearsabhagh

Photo of Sadie Young

Stiùiriche ùr do Thaigh Chearsabhagh

Tha Urras Thaigh Chearsabhagh a’ cur fàilte air Sadie Young, a tha a’ gabhail dreuchd an Stiùiriche aig Taigh-tasgaidh + Ionad Ealain Thaigh Chearsabhagh.

Tha Sadie a’ tighinn a Thaigh Chearsabhagh le farsaingeachd eòlais, bhon àm aice na Stiùiriche aig Timespan ann am Bun Ilidh, gu Caidreabhas ann an Cultar is Tuathanachas ann am Palastain bho chionn ghoirid. Tha pailteas de dh’eòlas aice ann an ceannardas chultarail, rannsachadh agus tagradh eadar-roinneil, agus beatha coimhearsnachd dùthchail, a’ gealltainn caibideal ùr, beòthail do Thaigh Chearsabhagh.

Thuirt Sadie: “’S e urram a th’ ann dhomh agus tha mi air bhioran tighinn a Thaigh Chearsabhagh agus tilleadh gu na sgìrean mu thuath. ’S e institiùd air leth chudromach a th’ ann an Taigh Chearsabhagh, a th’ air a chruthachadh tron àite as a bheil e, coimhearsnachdan agus luchd-ealain agus tha mi a’ coimhead air adhart ri neartachadh na ceanglaichean seo gu h-ionadail agus gu cruinneil, gus èiginn chultarail na h-ama againn a fhreagairt.”

’S e tè glèidhidh, rannsachaidh agus teagaisg a th’ ann an Sadie, le dealas airson cultar mar neart ghnìomach agus na mheadhan airson atharrachadh shòisealta. Tha Sadie a’ tighinn a Thaigh Chearsabhagh an dèidh ùine rannsachaidh air a’ Bhruaich an Iar ann am Palastain, far an robh i ag obair cuide ri lìonra de thuathanaichean, cìobairean Bedouin, buidhnean laghail agus cultarail, agus luchd-eagrachaidh coimhearsnachd, airson ionnsachadh mu dheidhinn dòighean-obrach àiteachais, dìlseachd chultarail agus spàirn an-aghaidh sealbh-ghlacadh. Bha i roimhe na Stiùiriche air Àite-obrach Clò-bhualaidh Leicester, ga thoirt tro àm atharrachaidh, agus na Stiùiriche air Timespan, far an do stèidhich i miannan-adhartais ionadail, cruinneil agus planaideach airson cultar, air a fhreumachadh gu h-ionadail, ri chleachdadh airson atharrachadh shòisealta chruinneil.

“Tha sinn air ar dòigh Sadie ainmeachadh mar Stiùiriche Thaigh Chearsabhagh. Còmhla, tha sinn a’ coimhead air adhart ri lìbhrigeadh ar lèirsinn airson na h-ealain, dualchas agus Gàidhlig ann an Uibhist, a’ neartachadh beatha chultarail nan eilean agus a’ dèanamh cinnteach gu lean soirbheas Thaigh Chearsabhagh na àite airson cruthachas, ionnsachadh agus coimhearsnachd.

Bu toigh leinn taing a thoirt don Sgioba Àrd-mhanaidsearan againn a bha ag obair gu dìcheallach airson Taigh Chearsabhagh a chumail tearainte agus soirbheachail san ùine eadar-amail seo eadar Stiùirichean.

Mu dheireadh, tha sinn a’ toirt taing dhùrachdach don luchd-maoineachaidh, luchd-compàirt is luchd-ùidh againn. Tha an taic is an co-obrachadh aca a’ toirt comas dhuinn an obair chudromach againn a lìbhrigeadh do dh’Uibhist agus nas fhaide.” 

-Urrasairean Thaigh Chearsabhagh

Cuiridh dreuchd an Stiùiriche ri structar an sgioba ann an Taigh Chearsabhagh, a tha air a bhith ag obair le structar gun prìomh mhanaidsear bho 2023. Tha Susannah Bolton, Sonja Kenter-Rossi, Tormod MacLeòid agus Andy MacFhionghuin air a bhith ag obair còmhla mar Sgioba Àrd-mhanaidsearan airson Taigh Chearsabhagh a thoirt gu soirbheachail tro àm dhùbhlannach do roinn a’ chultair, le dà phrìomh aonta taic-airgid ioma-bhliadhna gan ghlèidheadh agus Plana Gnothachas ùr ri lìbhrigeadh.

“Tha sinn fìor toilichte gu bheil Sadie a’ tighinn dhan sgioba, agus a’ coimhead air adhart ri obrachadh cuide rithe airson ar n-amasan a choileanadh. Bu toigh leinn taing a thoirt do na h-Urrasairean airson an cuid eòlais agus riaghladh, agus do sgioba Thaigh Chearsabhagh air fad airson an tàlantan agus sùbailteachd.”

– Sgioba Àrd-mhanaidsearan Taigh Chearsabhagh

Dealbh air Sgioba Àrd-mhanaidsearan Thaigh Chearsabhagh.

Le Sadie na Stiùiriche, leanaidh an Sgioba Àrd-mhanaidsearan anns na dreuchdan aca: Manaidsear Ealain (Andy), Manaidsear Ionmhais (Sonja), Manaidsear Obrachaidhean (Tormod) agus Manaidsear Gàidhlig agus Compàirteachaidh (Susannah).