Ann an co-bhann ri prògram RSA200 A’ Comharrachadh Còmhla, tha sinn toilichte fàilte a chur air Dalziel + Scullion RSA a Thaigh Chearsabhagh airson sgrìneadh shònraichte air dhà eile den na filmichean aca – Moor agus Coast – le seisean Ceist & Freagairt an dèidh làimhe.
A’ gabhail àite ann an Gailearaidh 2 ann an Taigh Chearsabhagh air Dihaoine 10 Giblean, 7f, tha an tachartas seo an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine, ach chan eil mòran àite ann agus bu chòir tiogaidean a ghlèidheadh ron àm.
Tha an dithis luchd-ealain Matthew Dalziel agus Louise Scullion stèidhichte ann an Leòdhas agus iad ag obair air ìomhaighean snàidhte, dealbhadaireachd, bhideo agus fuaim, a’ sgrùdadh dòighean ùre air a dhol an sàs ann an cuspairean na h-àrainneachd agus eag-eòlas. Chì sibh barrachd mun obair film is bhideo aca an seo.
Air Disathairne 11 Giblean aig 11.30m, bidh Lousie Scullion a’ toirt seachad òraid le dealbhan, air an obair aice air Small Works of Great Scale. Tha an òraid seo an-asgaidh cuideachd ach bu chòir tiogaid a ghlèidheadh ron àm.
’S e prògram eadar-nàiseanta a th’ ann an RSA200: A’ Comharrachadh Còmhla, airson an 200mh ceann-bliadhna de dh’ealain agus ailtireachd aig Acadamaidh Rìoghail na h-Alba. Chaidh Prògram Ìomhaighean Gluasadach RSA200 a chur ri chèile leis a’ pheantair is filmeadair Raghnall Foirbheis RSA, airson obair air ìomhaighean gluasadach le Acadaimigich Rìoghail na h-Alba agus luchd-buannachaidh RSA a thaisbeanadh.
Bidh Taigh Chearsabhagh a’ sealltainn fhilmichean bhon Phrògram Ìomhaighean Gluasadach bho 4 Giblean – 9 Cèitean. Bidh fàilte romhaibh aig an ro-shealladh fosglaidh, a bhios a’ gabhail àite aig an aon àm ri ro-shealladh Dùthchas | Home le Fiona Pearson, ann an Taigh Chearsabhagh air Disathairne 4 Giblean, 2-4f. An-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine.
Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

