’S e prògram eadar-nàiseanta a th’ ann an RSA200: A’ Comharrachadh Còmhla, airson an 200mh ceann-bliadhna de dh’ealain agus ailtireachd aig Acadamaidh Rìoghail na h-Alba, agus tha Taigh Chearsabhagh toilichte a bhith na phàirt dheth!
Chaidh Prògram Ìomhaighean Gluasadach RSA200 a chur ri chèile leis a’ pheantair is filmeadair Raghnall Foirbheis RSA, airson obair air ìomhaighean gluasadach le Acadaimigich Rìoghail na h-Alba agus luchd-buannachaidh RSA a thaisbeanadh. A’ nochdadh dòighean-obrach ìomhaighean gluasadach aig luchd-ealain ann an Alba an-diugh is an-dè, tha e a’ gabhail a-steach obair bho Chruinneachadh an RSA agus obair a tha ga dhèanamh an-diugh.
Bidh Taigh Chearsabhagh a’ sealltainn 3 cruinneachaidhean film bhon Phrògram Ìomhaighean Gluasadach: Culture Above and Beyond 2, RSA Academicians’ Showcase 1 agus RSA Academicians’ Showcase 2.
Bidh fàilte romhaibh aig an ro-shealladh fosglaidh, a bhios a’ gabhail àite aig an aon àm ri ro-shealladh Dùthchas | Home le Fiona Pearson, ann an Taigh Chearsabhagh air Disathairne 4 Giblean, 2-4f. An-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine.
Bidh na filmichean gan sealltainn a rèir a’ chlàr-ama a leanas:
4-15 Giblean: Culture Above and Beyond 2
(Ùine: 53 mionaid)
Dalziel + Scullion RSA, Source, 2007 (14:49)
Edward Summerton RSA, Dighty Burn, 2011 (5:08)
Graham Fagen RSA, Baile an Or, 2011 (8:04)
Kate Whiteford RSA (le Alex Graham), A’ Bheinn / The Mountain, 2009 (24:12)
16-27 Giblean: RSA Academicians’ Showcase 1
(Ùine: 47 mionaid)
Dalziel + Scullion RSA, Raven, 2025 (19:00)
Wendy McMurdo RSA, Olympia, 2011 (5:12)
Edward Summerton RSA, The Landscape Artist, 2021 (8:17)
Tracy Mackenna RSA, Gaps and Slippages, 2017 (4:23)
Kate Whiteford RSA, Wings of Desire, 2018 (9.42)
28 Giblean – 9 Cèitean: RSA Academicians’ Showcase 2
(Ùine: 44 mionaid)
Rachel Maclean RSA (Elect), The Lion and the Unicorn, 2012 (11:30)
Graham Fagen RSA, Auld Lang Syne c/w The Slave’s Lament, 2005 (6:58)
Ken Currie RSA, Stone Circle, 2025 (12.00)
Kate Downie RSA, The Little Bridges of Perthshire, 2020 (1:55)
Jo Ganter RSA, Guitar Ellipses, 2020 (0:56)
Ronald Forbes RSA, Hello and Goodbye, 2025 (5:00)
11-16 Cèitean: Culture Above and Beyond 2
(Ùine: 53 mionaid)
Dalziel + Scullion RSA, Source, 2007 (14:49)
Edward Summerton RSA, Dighty Burn, 2011 (5:08)
Graham Fagen RSA, Baile an Or, 2011 (8:04)
Kate Whiteford RSA (le Alex Graham), A’ Bheinn / The Mountain, 2009 (24:12)
Gheibh sibh am fiosrachadh gu lèir mu na filmichean, an luchd-ealain agus an obair aca, air làrach-lìn Prògram Ìomhaighean Gluasadach RSA.
Air Dihaoine 10 Giblean, 7-9f, bidh dithis luchd-ealain stèidhichte ann an Leòdhas, Dalziel + Scullion RSA a’ taisbeanadh dà fhilm ann an Taigh Chearsabhagh, le seisean Ceist & Freagairt an dèidh làimhe. Tha an tachartas seo an-asgaidh ach feumar tiogaidean a ghlèidheadh ron àm.
Air Disathairne 11 Giblean aig 11.30m, bidh Louise Scullion a’ toirt seachad òraid air an obair aice air Small Works of Great Place. Tha an òraid seo an-asgaidh cuideachd ach feumar tiogaid a ghlèidheadh ron àm.
Tha taisbeanadh Ìomhaighean Gluasadach RSA ri fhaicinn an-asgaidh ann an Gailearaidh 2, bho 4 Giblean – 9 Cèitean, Diluain-Disathairne, 10m-4f. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

