Home > Event > Òraid: Small Works of Great Scale

Òraid: Small Works of Great Scale

Tha sinn toilichte fàilte a chur air Dalziel + Scullion RSA a Thaigh Chearsabhagh airson deireadh sheachdain a’ comharrachadh an 200mh ceann-bliadhna de dh’ealain agus ailtireachd aig Acadamaidh Rìoghail na h-Alba, ann an co-bhann ri prògram RSA200 A’ Comharrachadh Còmhla. 

Air Disathairne 11 Giblean aig 11.30m, bidh Louise Scullion a’ toirt seachad òraid le dealbhan air Dalziel + Scullion Wearable Works, Small Works of Great Scale. Tha an òraid an-asgaidh ach feumar tiogaid a ghlèidheadh ron àm.

Tha an dithis luchd-ealain Matthew Dalziel agus Louise Scullion stèidhichte ann an Leòdhas agus iad ag obair air ìomhaighean snàidhte, dealbhadaireachd, bhideo agus fuaim, a’ sgrùdadh dòighean ùre air a dhol an sàs ann an cuspairean na h-àrainneachd agus eag-eòlas. Chì sibh barrachd mun obair aca air Small Works an seo.

Tha fàilte oirbh cuideachd tighinn chun sgrìneadh is seisean Ceist & Freagairt aig Dalziel + Scullion air Dihaoine 10 Giblean, 7f. Tha an tachartas seo an-asgaidh ach feumar tiogaid a ghlèidheadh ron àm.

’S e prògram eadar-nàiseanta a th’ ann an RSA200: A’ Comharrachadh Còmhla, airson an 200mh ceann-bliadhna de dh’ealain agus ailtireachd aig Acadamaidh Rìoghail na h-Alba. Chaidh Prògram Ìomhaighean Gluasadach RSA200 a chur ri chèile leis a’ pheantair is filmeadair Raghnall Foirbheis RSA, airson obair air ìomhaighean gluasadach le Acadaimigich Rìoghail na h-Alba agus luchd-buannachaidh RSA a thaisbeanadh. 

Bidh Taigh Chearsabhagh a’ sealltainn fhilmichean bhon Phrògram Ìomhaighean Gluasadach bho 4 Giblean – 9 Cèitean. Bidh fàilte romhaibh aig an ro-shealladh fosglaidh, a bhios a’ gabhail àite aig an aon àm ri ro-shealladh Dùthchas | Home le Fiona Pearson, ann an Taigh Chearsabhagh air Disathairne 4 Giblean, 2-4f. An-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.