Home > Event > Seachdain Leabhraichean na h-Alba: Cuir loidhne ris a’ bhàrdachd

Seachdain Leabhraichean na h-Alba: Cuir loidhne ris a’ bhàrdachd

’S e Seachdain Leabhraichean na h-Alba – a tha a-nis ann am bliadhna ceithir-deug – seachdain bhliadhnail a’ comharrachadh leabhraichean agus leughadh, is e a’ gabhail àite air feadh na dùthcha bho 17-22 Samhain.

Tha sinn air ar dòigh a bhith a’ gabhail pàirt am-bliadhna-sa a-rithist agus faodaidh sibhse a bhith na lùib cuideachd! ’S e ‘càirdeas’ cuspair Sheachdain Leabhraichean na h-Alba am-bliadhna agus tron t-seachdain, ma thadhalas sibh sa Chafaidh, faodaidh sibh loidhne a chur ris a’ bhàrdachd choimhearsnachd againn mu chàirdeas; dè tha sin a’ ciallachadh dhuibhse.

Ma tha sibh faisg air làimh no a’ cur seachad beagan ùine sa Chafaidh, feuch gun cuir sibh beagan fhaclan ris agus chì sinn an dàn a’ fàs tron t-seachdain!

Thoiribh sùil air an làrach-lìn againn airson fiosrachaidh mu na tachartasan eile a th’ againn ann an Seachdain Leabhraichean na h-Alba:

Diciadain 19 Samhain, 1.30f: Bùth-obrach sgrìobhaidh le Pàdraig MacAoidh

Diciadain 19 Samhain, 7.30f: Feasgar bàrdachd le Pàdraig MacAoidh

Disathairne 22 Samhain, 7.30f: Cuir air bhog: Coming away after the fact

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.