**Tha am bùth-obrach seo a-nis làn. Cuiribh postd thugainn nam bu toigh leibh a dhol air liosta airson tiogaidean a barrachd sam bith, ma bhios an cothrom sin ann. Thoiribh sùil cuideachd air na bùthan-obrach ri thighinn, ann an Dealbhadh Daonna.
Thigibh còmhla rinn ann an Taigh Chearsabhagh is sinn a’ leantainn oirnn le bhith coimhead air fèin-phortraidean, ann an sreath de bhùthan-obrach an-asgaidh.
Sa chiad fhear, air Dihaoine 1 Samhain, bidh sinn a’ peantadh fèin-phortraidean. Fosgailte don h-uile duine, nach gabh sibh an cothrom peantadh fheuchainn le taghadh chuingealaichte de dhathan, agus barrachd ùine airson aon fèin-phortraid a leasachadh?
Le taic-airgid bho Chomann Ealain Uibhist, tha an cothrom seo ga thabhann an-asgaidh, ach chan eil mòran àiteachan ann agus bu chòir dhuibh àite a ghlèidheadh cho luath ’s as urrain! ’S urrainn dhuibh tiogaid an-asgaidh a ghlèidheadh gu h-ìosal.
Leanaidh an t-sreath bhùthan-obrach air Dihaoine 8 agus Dihaoine 15 Samhain, le cothrom Dealbhadh Daonna fheuchainn.
Tha na bùthan-obrach gan tabhann ann an co-bhann le taisbeanadh ‘A’ Coimhead Oirnn Fhèin’, a tha mar thoradh air sreath bhùthan-obrach fèin-phortraid a ghabh àite ann an Taigh Chearsabhagh roimhe seo. Tha an taisbeanadh ri fhaicinn an-asgaidh, ann an Gailearaidh a’ Chafaidh ann an Taigh Chearsabhagh, bho 3 Dàmhair – 30 Samhain, Diluain gu Disathairne, 10m-4f.
