Home > Event > An Gàrradh: Iomlaid Lusan

An Gàrradh: Iomlaid Lusan

A bheil thu a’ cur thairis le sìol-chraobhan tomato, a’ miannachadh nach biodh agad ach lusan chili airson a dhol còmhla riutha? Is dòcha gu bheil am mint agad air a bhith beagan ro làidir agus nach eil thu airson gun tèid e gu sgudal? Thigibh còmhla ri suaip lusan an-asgaidh aig Taigh Chearsabhagh air Disathairne 13 Lùnastal, aig 10.30m, còmhla ri Sorcha Monk, Riochdaire Cruthachail An Gàrradh Uibhist a Tuath. Bidh Sorcha a-muigh air an deic, a gheibhear thuige tron chafaidh, le poitean, ùir agus sìol-chraobhan ri roinn.

Thoir leat na h-uimhir de lusan ’s a thogras tu agus atharraich no roinn le luchd-dealasach gàrraidh eile. Ma tha thu fiosrach mu bhith a’ fàs agus nach biodh dragh agad feuchainn air, faodaidh tu pàirt a ghabhail gus faighinn a-mach mar a thòisicheas tu cuideachd.

Bidh bùth-obrach air Dealbhan-grèine nan Lus ann le Margaret Joan NicIosaig, an dèidh an Iomlaid Lusan.  Bidh seo an-asgaidh agus am broinn Taigh Chearsabhagh.  Airson tuilleadh fiosrachaidh, coimhead air duilleag a’ bhùth-obraich an seo.

Gus barrachd fhaighinn a-mach mu phròiseact a’ Ghàrraidh Ris Nach Robh Dùil aig na Beàrnain-Bhrìde, tadhail air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh. Bidh prògram an t-samhraidh fo bhlàth agus an t-sìde a’ blàthachadh, agus ma tha thu ag iarraidh dol gu tachartasan eile leis na Beàrnain-Bhrìde san àm ri teachd, cuir t’ ainm ris a’ chuairt-litir againn aig bonn na duilleig-lìn seo. Faodaidh tu Taigh Chearsabhagh a leantainn cuideachd air na meadhanan sòisealta airson fios, no tadhal às ùr air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh, a thèid ùrachadh gu cunbhalach.

‘S urrainn dhut leigeil fhaicinn gu h-ìosal, tron t-siostam tiogaidean an-asgaidh, ma tha dùil agad tighinn ann.

Dealbh: Jael Rodriguez via Unsplash

Booking

Bookings are no longer available for this event.