’S e pròiseact rannsachaidh a th’ ann an ‘Fuaim na Mara’, ag amas air sealltainn mar a ghabhas a’ mhuir a thuigsinn tro mheacanaigs shruthach.
Ann an co-bhann ri Jack King aig Oilthigh Mhanchester, tha Taigh Chearsabhagh a’ tabhann coimisean do neach-ealain no luchd-ealain lèirsinneach stèidhichte ann an Innse Gall, airson obair ealain ann am meadhan sam bith a chruthachadh, a tha air a bhrosnachadh le pròiseact rannsachaidh Fuaim na Mara.
Chaidh an coimisean fhoillseachadh aig òraid le Jack King ann an Taigh Chearsabhagh air 17 Sultain. ’S e Dihaoine 31 Dàmhair an ceann-là airson tairgsean a chur a-steach.
Thathas ag iarraidh obair ealain a chruthachadh a tha air a ghluasad le ceanglaichean agus eòlas dhaoine air fuaim na mara. Dh’fhaodadh seo a bhith tro ìomhaighean agus faclan, mar eisimpleir, dealbhan, bàrdachd, peantadh agus clò-bhualadh. ’S e £1,000 am buidseat airson a’ choimisein agus sin a’ gabhail a-steach na stuthan gu lèir, cruthachadh agus lìbhrigeadh.
Thèid an obair bhon choimisean a shealltainn an lùib taisbeanadh beag air chuairt, an cois a’ mhìneachaidh saidheansail agus pìos ciùil & bhideo air a chruthachadh a dh’aona ghnothach, a’ gabhail a-steach dàta shaidheansail agus clàraidhean air fuaim na mara timcheall Innse Gall.
Thèid an taisbeanadh a shealltainn an toiseach sa Chafaidh ann an Taigh Chearsabhagh as t-samhradh 2026. Thathar an dòchas gun tèid an taisbeanadh air chuairt air feadh Innse Gall, agus ’s dòcha nas fhaide, air a’ bhliadhna as dèidh sin.
Gheibh sibh am fiosrachadh air fad agus na cinn-là ann an tuairsgeul a’ choimisean: Sound of the Sea Commission Brief
’S urrainn dhuibh cuideachd taisbeanadh Powerpoint bhon òraid aig Jack King a luchdachadh a-nuas an seo: Sound of the Sea presentation
Airson tairgse a chur a-steach, cuiribh fios gu: andy@taigh-chearsabhagh.org

