’S e taisbeanadh air chuairt bho Acadamaidh Rìoghail na h-Alba (RSA) a th’ ann an William Gillies: Modernism and Nation, agus tha sinn air ar dòigh gum bi e ga shealltainn ann an Taigh Chearsabhagh bho 22 Màrt – 12 Iuchar. Tha an taisbeanadh, agus an leabhar a tha na chois, ag amas air aithne nas fharsainge a thoirt do Gillies, an obair aige agus a bheatha, taobh a-staigh sgeulachd Ùr-nòsachas Bhreatainn.
Bidh sinn a’ cur fàilte air Sandy Wood, a tha os cionn Chruinneachaidhean aig Acadamaidh Rìoghail na h-Alba, is e gus cuairt a stiùireadh timcheall an taisbeanaidh dhuinn, a’ toirt dhuinn an tuigse is an eòlas aige fhèin air an obair. Tha duine sam bith làn dì-beathte tighinn còmhla rinn air Disathairne 22 Màrt, bho 2f – 3.30f, airson cuairt timcheall Gaileraidh 1 + 2 le Sandy. Gheibh sibh sealladh farsaing air an fheallsanachd air cùlaibh a’ chruinneachaidh, le fiosrachadh mhionaideach air na dealbhan agus na stuthan eile san taisbeanadh.
Tha tuilleadh fiosrachaidh mu William Gillies: Modernism and Nation air duilleag an taisbeanaidh fhèin. Bidh tachartas ro-sheallaidh ann an Taigh Chearsabhagh air Dihaoine 21 Màrt, aig 7f, an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine.
Bidh Andrew McPherson, sgrìobhadair eachdraidh-beatha, a’ toirt seachad òraid air beatha agus obair William Gillies, ann an Taigh Chearsabhagh air Dihaoine 16 Cèitean, aig 7f. Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh air duilleag na h-òraid. Tha an leabhar aig Andrew McPherson, William Gillies: Modernism and Nation in British Art, ri fhaighinn ann am bùth Thaigh Chearsabhagh agus sa bhùth air-loidhne againn.
Rugadh Sir William George Gillies RSA (1898-1973) ann an Haddington agus bha e na oileanach aig Colaiste Ealain Dhùn Èideann. Rinn e seirbheis sa Chiad Chogadh, agus an dèidh dha ceumnachadh, bha e a’ siubhal sa Fhraing agus san Eadailt. Thill e dhan cholaiste na oide is neach-ealain chomasach, far an robh e a’ teagasg airson còrr is dà fhichead bliadhna gus an do leig e dheth a dhreuchd na phrionnsabal ann an 1966. Fad a’ chùrsa-breatha, bha Gillies a’ lorg agus a’ leasachadh dhiofar dhòighean obrach na pheantadh, mu dheireadh a’ leantainn le stoidhle ealain Ùr-nòsach. Dh’fhuiling Gillies cruaidh-chàs pearsanta tro bheatha, agus thug Ùr-nòsachd dha saorsa chruthachail airson fuasgladh fhaighinn tro chuid ealain.
Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
