Chan eil teagamh ann nach eil àite sònraichte aig William Gillies ann an Ùr-nòsachd an fhicheadamh linn, agus thathar an dòchas gum brosnaich an taisbeanadh seo sibh gus tuilleadh fhaighinn a-mach mun sgeulachd iongantach aige. Tha Gillies ainmeil airson a’ pheantaidh aige air cruth-tìre agus dealbhan neo-bheò, ach tha na portraidean aige cuideachd a’ toirt lèirsinn smaoineachail dhuinn air a bheatha agus a chuid ealain. ’S e fhathast fear de na luchd-ealain Albannach as ainmeile den linn a chaidh seachad.
Tha an taisbeanadh air chuairt seo bho Acadamaidh Rìoghail na h-Alba (RSA) ag amas air aithne nas fharsainge a thoirt do Gillies, an obair aige agus a bheatha, taobh a-staigh sgeulachd Ùr-nòsachas Bhreatainn.
Bidh fàilte romhaibh ann an Taigh Chearsabhagh air Dihaoine 21 Màrt aig 7f airson ro-shealladh air taisbeanadh William Gillies: Modernism and Nation. Bidh sinn cuideachd a’ comharrachadh 30 bliadhna de Thaigh Chearsabhagh! Thigibh còmhla rinn is sinn a’ coimhead air ais air 30 bliadhna de dh’adhartachadh dualchas agus na h-ealain ann an Uibhist.
Tha an leabhar aig Andrew McPherson William Gillies: Modernism and Nation in British Art, a tha a’ tighinn an cois an taisbeanaidh, ri fhaighinn ann am bùth Thaigh Chearsabhagh agus sa bhùth air-loidhne againn. ‘S urrainn dhuibh cuideachd inneal a thogail an-asgaidh aig an deasg-aghaidh ann an Taigh Chearsabhagh agus èisteachd ri clàradh fuaime mu na dealbhan fhad ’s a tha sibh a’ dol timcheall an taisbeanaidh.
Tha sinn toilichte dà thachartas eile a thabhann an-asgaidh, gus barrachd ionnsachadh mu bheatha is obair William Gillies:
- Disathairne 22 Màrt, 2f – 3.30f: Cuairt air an taisbeanadh, le Sandy Wood, RSA
- Dihaoine 16 Cèitean, 7f – 9f: Òraid le Andrew McPherson, sgrìobhadair eachdraidh-beatha
Rugadh Sir William George Gillies RSA (1898-1973) ann an Haddington agus bha e na oileanach aig Colaiste Ealain Dhùn Èideann. Rinn e seirbheis sa Chiad Chogadh, agus an dèidh dha ceumnachadh, bha e a’ siubhal sa Fhraing agus san Eadailt. Thill e dhan cholaiste na oide is neach-ealain chomasach, far an robh e a’ teagasg airson còrr is dà fhichead bliadhna gus an do leig e dheth a dhreuchd na phrionnsabal ann an 1966.
Fad a chùrsa-breatha, bha Gillies a’ lorg agus a’ leasachadh dhiofar dhòighean obrach na pheantadh. Dh’fheuch e stoidhle Cubist an dèidh dha a bhith ag ionnsachadh ann am Paris ann an 1923, agus eas-chruthachadh anns na 1930an, mu dheireadh a’ leantainn le stoidhle ealain Ùr-nòsach air a chomharrachadh le peantadh sgairteil, bhrìoghmhor. Dh’fhuiling Gillies cruaidh-chàs pearsanta tro bheatha, agus thug Ùr-nòsachd dha saorsa chruthachail airson fuasgladh fhaighinn tro chuid ealain.
Chì sibh William Gillies: Modernism and Nation an-asgaidh ann an Gailearaidh 1 + 2, Diluain gu Disathairne 10m – 4f, bho 22 Màrt gu 12 Iuchar. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
