Home > Event > Òraid: William Gillies, Modernism & Nation, le Andrew McPherson

Òraid: William Gillies, Modernism & Nation, le Andrew McPherson

’S e taisbeanadh air chuairt bho Acadamaidh Rìoghail na h-Alba (RSA) a th’ ann an William Gillies: Modernism and Nation, agus tha sinn air ar dòigh gum bi e ga shealltainn ann an Taigh Chearsabhagh bho 22 Màrt – 12 Iuchar. Tha an taisbeanadh, agus an leabhar a tha na chois, ag amas air aithne nas fharsainge a thoirt do Gillies, an obair aige agus a bheatha, taobh a-staigh sgeulachd Ùr-nòsachas Bhreatainn.

Tha Andrew McPherson, sgrìobhadair na h-eachdraidh-beatha William Gillies: Modernism and Nation in British Art, air a bhith a’ rannsachadh beatha, ama agus obair William Gillies airson còrr is fichead bliadhna, is air lorg an dà chuid mìneachadh agus ceartachadh air a’ ghainnead aithne a th’ ann airson Gillies. Tro bhith a’ sgrùdadh beatha agus obair William Gillies, tha an eachdraidh-beatha a’ sealltainn gu bheil a chuid ealain stèidhichte air an cruaidh-chàs phearsanta a dh’fhuiling e agus a mhothachadh air cho cugallach sa tha a’ chinn-daonna ann an linn de chogaidhean, atharrachadh agus mì-chinnt.

Bidh Andrew a’ toirt seachad òraid ann an Taigh Chearsabhagh air Dihaoine 16 Cèitean, aig 7f, far am bruidhinn e air a’ chunntas iongantach aige air Gillies, a tha a’ nochdadh dealbhan nach fhacar roimhe agus a’ sealltainn brìgh ùr a bharrachd an lùib na portraidean aige, na dealbhan neo-bheò agus na cruthan-tìre. Bidh an tachartas seo an-asgaidh agus bidh fàilte romhaibh. Tha an leabhar aig Andrew McPherson William Gillies: Modernism and Nation in British Art, a tha a’ tighinn an cois an taisbeanaidh, ri fhaighinn ann am bùth Thaigh Chearsabhagh agus sa bhùth air-loidhne againn.

Tha tuilleadh fiosrachaidh mu William Gillies: Modernism and Nation air duilleag an taisbeanaidh fhèin. Bidh tachartas ro-sheallaidh ann an Taigh Chearsabhagh air Dihaoine 21 Màrt, aig 7f, an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine.

Bidh Sandy Wood, a tha os cionn Chruinneachaidhean aig Acadamaidh Rìoghail na h-Alba, a’ stiùireadh cuairt timcheall an taisbeanaidh dhuinn, air Disathairne 22 Màrt, bho 2f – 3.30f. Bidh a’ chuairt seo timcheall Gailearaidh 1 + 2 an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine. Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh air duilleag cuairt an taisbeanaidh. 

Rugadh Sir William George Gillies RSA (1898-1973) ann an Haddington agus bha e na oileanach aig Colaiste Ealain Dhùn Èideann. Rinn e seirbheis sa Chiad Chogadh, agus an dèidh dha ceumnachadh, bha e a’ siubhal sa Fhraing agus san Eadailt. Thill e dhan cholaiste na oide is neach-ealain chomasach, far an robh e a’ teagasg airson còrr is dà fhichead bliadhna gus an do leig e dheth a dhreuchd na phrionnsabal ann an 1966. Fad a’ chùrsa-breatha, bha Gillies a’ lorg agus a’ leasachadh dhiofar dhòighean obrach na pheantadh, mu dheireadh a’ leantainn le stoidhle ealain Ùr-nòsach. Dh’fhuiling Gillies cruaidh-chàs pearsanta tro bheatha, agus thug Ùr-nòsachd dha saorsa chruthachail airson fuasgladh fhaighinn tro chuid ealain.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.