Home > Event > FAODAIL: Beatha nan Eilean

FAODAIL: Beatha nan Eilean

Chaidh pròiseact Tasglann Fhilm Innse Gall FAODAIL | FOUND a stèidheachadh le UistFilm aig Taigh Chearsabhagh ann an 2015. 

Tha Beatha nan Eilean a’ toirt ri chèile cruinneachadh fad 60 mionaid de sheann fhilmichean a tha an ìre mhath uile air an lorg as ùr agus air an cur gu cruth didseatach. Na mheasg tha filmichean air diofar aiseagan Chaledonian Mac a’ Bhriuthainn air feadh costa an iar na h-Alba, a’ ceangal a-steach leis an taisbeanadh againn san taigh-tasgaidh, Far a bheil a’ Mhuir a’ coinneachadh an Rathaid.

Chì sibh Beatha nan Eilean, an-asgaidh, ann an Gailearaidh 2, bho 1 Dàmhair gu 24 Dùbhlachd, Diluain gu Disathairne, bho 10m gu 4f.

Gu cho fada ri 1979, ’s e glè bheag, ma bha sgath idir, de na filmichean ann an Tasglann Ìomhaighean Ghluasadach aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, air an cruthachadh ann no mu dheidhinn Innse Gall, a bha air an dèanamh bho shealladh duine sam bith eile ach daoine bhon taobh a-muigh. Aig a’ char a b’ fheàrr, chruthaich an cion seallaidh is cànain dhùthchasaich seo dealbh aineolach, agus gu tric romansach no le fearas-mhòr, air beatha nan eilean. 

Tha pròiseact FAODAIL | FOUND ag amas air seo a chur ceart agus, tro Crowdfunding, gu ruige seo chaidh 25 uair de dh’filmichean dachaigh 8mm an cur ann an cruth didseatach. 

Chaidh am film 8mm – dathte agus dubh is geal tràth, bho na 30an chun na 80an – a dhidseatachadh gu h-iongantach tro mhaoineachadh sluaigh. Tha an tasglann na dhocamaideachd shònraichte is chudromach de eachdraidh shòisealta a tha air a bhith a’ faighinn aithne tro phrògraman aithriseach air an dèanamh le UistFilm leithid Dùthchas agus Faodail – Found Film. 

An aithne dhuibh an còrr chruinneachaidhean ruidhleachan film far am faodadh ìomhaighean air Innse Gall a bhith na lùib? Ma ’s aithne, bhiomaid toilichte bruidhinn mu dheidhinn an gabhail a-steach ann an tasglann FAODAIL | FOUND. 

Bidh an cruinneachadh seo airson Beatha nan Eilean na bhun-stèidh airson film aithriseach den aon ainm, a thèid a chraoladh air BBC Alba nas fhaide air a’ bhliadhna. Tha sinn toilichte ro-shealladh sònraichte den fhilm a thabhann air Dihaoine 19 Dùbhlachd aig 3f, ann an Gailearaidh 2. Gheibh sibh tiogaid an-asgaidh air duilleig: Ro-shealladh film – Faodail: Beatha nan Eilean.

Le taing mhòr do MG ALBA airson taic leantainneach do phròiseact Tasglann Fhilm Innse Gall FAODAIL | FOUND. 

Tha sinn a’ meudachadh ruigsinneachd gu tasglann FAODAIL | FOUND le taic bho Mhaoin Dualchas Sgrìn BFI, a’ toirt seachad maoineachadh bhon Chrannchur Nàiseanta. 

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh postd gu: andy@uistfilm.org

Crowdfunder leantainneach airson Didseatachadh: www.gofundme.com/f/FAODAIL-archive-film-digitisation