Home > Event > Feasgar bàrdachd: Guthan Cian Beatha Shàmhach

Photo of a ruined Dun and stone causeway, on a still reflective loch.

Feasgar bàrdachd: Guthan Cian Beatha Shàmhach

Thigibh còmhla rinn airson feasgar far am bi sinn a’ toirt seachad bàrdachd a tha a’ dol le taisbeanadh Uist Unearthed ann an Gailearaidh 2. 

Bidh guthan bhon linn a dh’fhalbh, no bho chultaran diofaraichte is cian, tric a’ tabhann sealladh ùr, lèirsinn agus brosnachadh airson na gnothaichean a tha fa-near no fo chùram dhuinn an-dràsta. A bheil dàn as fheàrr leat – no pìos a tha thu air sgrìobhadh – a’ tighinn gu d’ inntinn a tha nad bheachd-sa a’ ceangal ann an dòigh a choreigin ri guthan cian agus fhathast beò?  Ma tha, agus nam bu toigh leat a thoirt seachad, bidh fàilte ort tighinn còmhla rinn.  Ach mar as àbhaist, chan fheum sibh leughadh, tha e cheart cho math a bhith a’ tighinn agus ag èisteachd ris an còrr den bhàrdachd ga leughadh!

 

Còir-deilbhe: Uist Unearthed