Tha na Feasgair Bàrdachd againn ann an Taigh Chearsabhagh air tòiseachadh a-rithist an dèidh an t-samhraidh agus tha sinn toilichte fàilte a chur air John Glenday tighinn chun ath chruinneachaidh againn. Nach tig sibh còmhla rinn ann an Taigh Chearsabhagh air Diardaoin 16 Dàmhair, aig 7.30f, airson èisteachd ri John a’ leughadh taghadh den obair aige?
’S e John Glenday fear de phrìomh bhàird liriceach na h-Alba is e air mòran dhuaisean a chosnadh. Tha na cuspairean aige a’ gabhail a-steach a’ mhuir, an t-adhar; solus agus a’ ghainneid; an spioraid ann an linn saoghalta; ar n-eag-eòlas nàdarra agus daonna, mar a tha iad ag obair eadarra, agus na suidheachaidhean a bhios ag èirigh bho bhith a’ meòrachadh gu sìmplidh air a’ chruinne-cè. Tha e cuideachd na bhàrd iongantach air gaol teaghlaich agus romansach, a bharrachd air àbhachas ghleusta agus aoir.
Tha John air ceithir chruinneachaidhean a sgrìobhadh. Choisinn ‘The Apple Ghost’ (Peterloo Poets 1989) duais Chomhairle Ealain na h-Alba; bha ‘Undark’ (Peterloo Poets 1995) an lùib Molaidhean Poetry Book Society, agus ‘Grain’ (Picador 2010) a bha air a’ gheàrr-liosta an dà chuid airson Duais Ted Hughes agus Duais Griffin International Poetry. Bha an cruinneachadh as ùire aige, ‘The Golden Mean’ (Picador 2015) air a’ gheàrr-liosta airson Leabhar Bàrdachd Albannach na Bliadhna aig Comann Crann na h-Alba.
Chan fheum sibh tiogaid a ghlèidheadh ron àm airson na feasgair bàrdachd againn. Faodaidh sibh dìreach tighinn ann agus beagan ùine a chur seachad aig tachartas laghach ag èisteachd ri bàrdachd. Tha seo an-asgaidh, le deochan rim faighinn, ach faodaidh sibh tiodhlac airgid a thoirt seachad ma thogras sibh.
Tha na feasgair bàrdachd mìosail againn gu math sòisealta, neo-fhoirmeil agus càirdeil. Faodaidh duine sam bith pìos bàrdachd air cuspair shònraichte a thoirt leotha airson a’ leughadh don bhuidhinn, no faodaidh sibh dìreach tighinn a dh’èisteachd ri càch. Bidh cuid de na bàird às fheàrr ann an Alba a’ tadhal oirnn cuideachd. Cumaibh sùil air an làrach-lìn againn airson cinn-là ri thighinn.
Bidh John cuideachd a’ stiùireadh Bùth-obrach Sgrìobhaidh ann an Taigh Chearsabhagh air Dihaoine 17 Dàmhair, bho 10.30m-12.30f. Tha am bùth-obrach an-asgaidh ach chan eil mòran àiteachan ann is bu chòir tiogaid a ghlèidheadh ron àm, tron làrach-lìn againn.
Agus cuiribh seo dhan leabhar-latha! Bidh Bàrd ùr na h-Alba, Pàdraig MacAoidh, a’ leughadh a’ bhàrdachd aige air Diciadain 19 Samhainn aig 7.30f, mar phàirt de Sheachdain Leabhraichean na h-Alba aig Taigh Chearsabhagh.
Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
