Home > Event > Oidhche Sgrìob

Oidhche Sgrìob

Gairm airson an àrd-ùrlar!

Thigibh còmhla rinn airson oidhche Sgrìob deuchainneil air Diluain 28 Sultain, a bhios a’ tabhann thaisbeanaidhean air an cur air dòigh ro làimh agus cuideachd ùrlar fhosgailte airson sealltainn agus feuchainn stuthan deuchainneil ann an sgrìobhadh agus cànan. Bhiodh sinn toilichte cluinntinn sgeulachdan, bàrdachd, còmhraidhean, òrain, rannan, teipichean measgaichte no dad a tha a’ còrdadh ribh! Tha caraidean is srainnsearan air am fiathachadh gus stuthan a thoirt seachad, ma dh’fhaoite pìosan nach eil air an crìochnachadh fhathast, no obair choileanta ghleansach, gus àite coimhearsnachd a chruthachadh airson èisteachd, tàr-chur agus còmhradh. 

Nam bu toigh leibh rudeigin a thaisbeanadh no pàirt a choreigin a ghabhail ann an Sgrìob, cuiribh postd gu susannah@taigh-chearsabhagh.org no cuiribh teachdaireachd thugainn air na meadhanan sòisealta.

Bu toigh leinn cluinntinn bho mheasgachadh fharsaing de dhaoine bho air feadh Uibhist, agus daoine nach robh riamh air an àrd-ùrlar nan lùib. Chan eil tomhais sam bith air a chur romhaibh, beag no mòr, ùr no sean – bu toigh leinn taic a chur ribh aig ge brith dè an ìre aig a bheil sibh den t-slighe chruthachail. ’S urrainn dhuibh an obair agaibh fhèin a thoirt seachad, no port no bàrdachd a chur cuideigin eile an cèill – faodaidh sibh cluich leis an taisbeanadh san dòigh agaibh fhèin! Agus bhon a tha sinn a’ teannadh dlùth ri àm a’ Mhòid, tha sinn gu h-àraid deònach taic a chur ri daoine a tha trang ag ullachadh airson farpais air an àrd-ùrlar.

Tha sinn air ar dòigh gu bheil cuid a’ tilleadh a-rithist gu àrd-ùrlar Sgrìob, le taisbeanaidhean bho Dhonnchadh MacDhòmhnaill, Amy Nic Aoidh, Pauline Prior-Pitt, AJ Stockwell agus Susannah Bolton, a bharrachd air an neach-ealain air mhuinntireas aig Romhainn, Robbie MacLeòid. 

Tha Sgrìob an-asgaidh airson tighinn a dh’èisteachd agus fosgailte don h-uile duine. Thoiribh leibh caraid agus miann airson rudan ùra, agus cuiridh sinne air dòigh grèim ri ithe is deochan!

–

Tha an tachartas seo mar phàirt de phrògram dìleab Poetry Pledge, ann an co-bhann ris an Southbank Centre agus Leabharlann Nàiseanta na Bàrdachd. Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh an seo mu dheidhinn tachartasan Bàrd aig gach Acarsaid a ghabh àite san Ògmhios 2026.