Bàrdachd is Dealbhadaireachd le Steve Ely agus Mìcheal Faint
Fuaim le Juraj Fajnor agus Donnchadh MacLeòid
’S e co-obrachadh a th’ ann an Orasaigh, eadar a’ bhàrd Steve Ely agus an dealbhadair Mìcheal Faint, air a bhrosnachadh le cruth na tìre timcheall eilein-mhara Orasaigh, air oirthir Uibhist a Deas, aig Baghasdal. Tha a’ bhàrdachd lèirsinneach aig Ely, a tha a’ fuireach air acrachadh air an eilean, a’ siubhal fad is farsaing, a’ sgrùdadh iomadh chuspair co-cheangailte ri Uibhist agus an t-saoghal mhòr – èirigh àirde na mara, cruaidh chàs “an t-siathamh dìtheachd”, eachdraidh, cultar, poilitigs, còmhstri agus clas. Tha na dealbhan cumhachdach aig Faint a’ glacadh spioraid an àite, a’ cruthachadh fhaireachdain neo-cheangailte ach co-shlànach. Tha obair na dithis luchd-ealain a’ tighinn ri chèile agus ag obrachadh còmhla airson cruthachadh freagairt air leth, làn faireachdain, mu choinneamh a’ chruth-tìre bheairteach, ghlòrach, ann an obair a tha a’ dearbhadh beòthalachd agus fulangas an spioraid daonna, is an eilean fhèin na ìomhaigh an dà chuid air neo-chinnteas agus air dòchas, ann an èiginn an Anthropocene.
Gabhaidh na dealbhan aig Mìcheal Faint bhon taisbeanadh an ceannach tron bhùth air-loidhne aig Taigh Chearsabhagh a-nis.
Tha ar ceòladair air mhuinntireas Donnchadh MacLeòid air Cuairt-fuaime Orasaigh a chruthachadh. Tha a’ cuairt-fuaime seo 35 mionaid a dh’fhaid agus na lùib tha leughaidhean air bàrdachd Orasaigh aig Steve Ely, le pìosan ciùil tùsail is fuaimean gad chuairteachadh, air a’ chlàradh an cois cuairt-coiseachd timcheall costa Baghasdal agus Orasaigh. Nam bu toigh leibh seo fheuchainn sibh fhèin, gheibh sibh ceangal gu Cuairt-fuaime Orasaigh an seo: Orasaigh – a geolocated audio walk.
‘S urrainn dhuibh èisteachd ri leughadh air Orasaigh gu h-ìosal:
Thigibh còmhla rinn airson ro-shealladh air an taisbeanadh, ann an Taigh Chearsabhagh, aig 7f air Dihaoine 3 Samhain. Tha an taisbeanadh an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine tighinn ann, ann an Gailearaidh 2, Diluain – Dihaoine, 10m-4f.
Tha sreath bhùthan-obrach an-asgaidh gan tabhann ann an co-bhann ri Orasaigh:
Disathairne 4 Samhain
Sgrìobhaidh Cruthachail, do Chlann & Teaghlaichean, le Steve Ely. Taigh Chearsabhagh, 10m-12m.
Sgrìobhadh Cruth na Tìre Apocailipteach, le Steve Ely. Taigh Chearsabhagh, 2-4f
Là na Sàbaid 5 Samhain
A’ chiad cur air bhog air Cuairt-fuaime Orasaigh. Baghasadal, Uibhist a Deas, 1.00f-3.30f.
Là na Sàbaid 19 Samhain
Toiseach tòiseachaidh ann an Dealbhadaireach Didseatach, le Mìcheal Faint. Gearraidh na Monadh, Uibhist a Deas, 2-4f
Tha na bùthan-obrach an-asgaidh, ach chan eil mòran àiteachan ann is mar sin bu chòir dhuibh àite a ghlèidheadh ro làimhe.
Tha Steve Ely na bhàrd is sgrìobhadair, a tha air iomadh duais a chosnadh, is e stèidhichte ann an siorrachd York. An lùib na leabhraichean aige tha The European Eel (2021), Lectio Violant (2021) agus Englaland (2015). Bidh dà leabhar eile, Eely agus Orasaigh (co-obrachadh leis an dealbhadair Mìcheal Faint) a’ nochdadh ann an 2024. Bidh e a’ teagasg sgrìobhadh cruthachail aig Oilthigh Huddersfield, far a bheil e na Stiùiriche air an Ted Hughes Network.
’S e dealbhadair a th’ ann an Mìcheal Faint, a tha a’ fuireach ann an Uibhist a Deas, is tha e air duaisean a bhuannachd airson a’ chuid obrach. Bha e air a’ gheàrr-liosta airson duaisean chliùmhor Sony World Photography Awards, agus tha an obair aige air nochdadh ann an leabhraichean, irisean agus pàipearan naidheachd airson còrr is 10 bliadhna. Bidh e tric a’ sealltainn obrach anns na h-Eileanan an Iar, le taisbeanaidhean am-bliadhna-sa anns na Hearadh, Uibhist a Tuath, Uibhist a Deas agus Leòdhas. Tha e an-dràsta ag obair air na dealbhan airson leabhar Orasaigh, ann an co-bhann ris a’ bhàrd Steve Ely, a bhios ga chlò-bhualadh le Broken Sleep Books san Lùnastal 2024.
