Caibideal a h-Aon: Abair bùrach!

Halo, is mise Nicola agus tha mi air ùr thòiseachadh nam Theicneòlaiche airson na rumannan Clò-bhualaidh agus an t-Seòmar-dorcha aig Taigh Chearsabhagh.
’S e a’ chiad rud a tha romham an t-àite a ghlanadh agus a chur ann an òrdugh. Cha bu bheag an dleastanas – tha na seòmraichean seo gu math feumach air coimhead riutha!

Tha na h-àiteachan-obrach seo nan goireas co-roinnte. Leigibh fhaicinn ma tha beachdan feumail sam bith agaibh air mar a ghabhadh na h-àiteachan cruthachail seo an cuir air dòigh airson freagairt oirbhse.
Faodaidh sibh beachdan fhàgail fon bhlog seo, no cuiribh postd gu taigh@taigh-chearsabhagh.org. Bhiomaid taingeil airson beachdan sam bith!


Tòiseachamaid!
Còir-dhealbhan: Nicola Neate, 2022