Seo na còig pìosan clò-bhualaidh a tha Àite-obrach Clò-bhualaidh Thaigh Chearsabhaigh air a chur a-steach do Iomlaid Clò-bhualaidh 20:20 chliùiteach. Tha seo a’ cur Àite-obrach Clò-bhualaidh Thaigh Chearsabhaigh air ais air a’ mhapa!
The RED TOWER Photopolymer etching

’S e faoin-thogalach eachdraidheil a th’ ann an Dùn Scolpaig, air a thogail air àite-tuinidh a bh’ ann ron a sin, ann an ceann an iar-thuath Uibhist a Tuath. Tha an dà chuid Comhairle nan Eilean Siar agus Riaghaltas na h-Alba air cead dealbhachaidh a thoirt seachad gus fear de na puirt-fànais as ùire san Rioghachd Aonaichte a shuidheachadh ann an Scolpaig, a’ sgrios fear de na h-àiteachan as prìseile agus as cugallaiche a thaobh àrainneachd anns an t-saoghal, airson buannachd choimearsalta geàrr-ùine agus an leudachadh do-lùbte de dh’armachadh Innse Gall.
Tha an dithis againn air a bhith ag iomairt airson Scolpaig a shàbhaileadh bho bhith na làrach ghnìomhachasail, is mar sin bha e faireachdainn freagarrach obrachadh còmhla air an ìomhaigh seo. Chleachd sinn measgachadh de phròiseasan dealbhadh-camara agus modhan didseatach airson clàr a chruthachadh a tha a’ sgrùdadh agus a’ measgachadh dòighean-obrach clò-bhualaidh co-aoiseach agus traidiseanta.
John Kippin & Nicola Neate
THE LAST SONG Woodcut & Chine Collé

Tha mòran luchd-saidheans a’ creidsinn gu bheil a’ phlanaid againn ann an tràth-cheumannan de mhòr-sgrios. A’ fuireach ann an Innse Gall, tha mi air fàs nas mothachaile air mar a tha modh-giùlain a’ chinne-daonna agus dòighean-beatha nuadha a’ toirt buaidh air beatha agus àrainnean eòin, bheathaichean agus beatha-mhara. Bha mi air leth duilich mu na h-àireamhan mòra eòin mhara marbh a thàinig mi tarsainn air, air sàilleabh flù nan eun. Tha The Last Song a’ meòrachadh air laigse an eag-eòlas againn. Chleachd mi measgachadh de dhòighean obrach clò-bhualaidh didseatach agus thraidiseanta.
Nicola Neate
JUST CRAB Collagraph & Linocut

Bhon àm a bha mi a’ seòladh sa mhuir timcheall Uibhist a Deas agus Èirisgeidh nam òige, agus tilleadh ann nam inbheach a’ snamh a-muigh, tha annas air a bhith agam mun bheatha fo na stuaghan. Bidh drathair an càr agam a’ glagadaich le sligean phortan a tha mi air togail is mi a’ coiseachd cha mhòr a h-uile latha air an tràigh, a’ tionndaidh bhon ghlas-uaine dhorcha aca gu dearg làidir is a’ ghrian a’ toirt an dath asda. Chaidh collograph a chleachdadh airson blind emboss a dhèanamh air loidhneachan an làin a chì thu air èiginn. Chaidh linoprint a chleachdadh airson a’ chrùbag fhèin, a’ measgachadh dòigh-obrach clò-bhualaidh chugallach, còmhla ri fear air an gabh fada a bharrachd smachd a chumail – comhghar a bhios an làn cuideachd a’ leantainn.
Siân Swinton
BELTIE ELEPHUNTUS Drypoint

Bhon àm a thachair mi ro crodh Gall-Ghàidhealaibh criosta an toiseach, bha mi air mo ghlacadh le buaidh ghrafaigeach an sgrìob làidir gheal air a shuidheachadh gu coileanta tarsainn meadhan a’ bheathaich. ’S ‘Beltie Elephantus’ dìreach aon ann an sreath de phìosan clò-bhuailte a tha a’ beachdachadh air a’ chuspair seo, a’ cleachdadh bheathaichean eile. Ag obair le inneal-chuairteach dealan, chaidh an ìomhaigh a dhèanamh agus a sgrìobadh air gu clàr phlastaig drypoint. Tha ìre àrd de chunnart is mì-chinnt san dòigh-obrach seo ach tha fiùghantach na comharraidhean freagarrach air a’ chuspair.
Keith McIntyre
BHRUSDA Drypoint & collagraph

Tha iasgach le cuileagan agus clò-bhualadh coltach ri chèile ann an iomadh dòigh. ’S ann mun chlàr uachdrach a tha e. ’S urrainn brìgh is cruth ùr tighinn bho chleachdadh stuth collography ceangailte ris a’ chlàr. Ach bidh an loidhne intaglio a’ gearradh a-staigh dhan chlàr sin. Air lochain Bheàrnaraigh agus Uibhist a Tuath, bidh iasgairean a’ dèanamh co-dhùnaidhean mun chuileag as fheàrr a chleachdadh airson an èisg a mhealladh gus smaoineachadh gur e biadh a th’ anns an rud bìodach làmh-cheàrd seo. Tha cuileagan tioram air an dealbhachadh gus suidhe os cionn an uisge is cuileagan fhliuch a’ gluasad fon uisge. ’S ann mu dheidhinn staid an latha a tha e, car coltach ri bhith anns an stiùideo.
Sheenagh Patience