’S e soirbheachadh mòr a bh’ ann don Àite-obrach Clò-bhualaidh gu robh Taigh Chearsabhagh mar phàirt den Iomlaid Clò-bhualaidh 20:20 am-bliadhna – taing do na còignear a ghabh pàirt: Sheenagh Patience, Keith McIntyre, Siân Swinton, John Kippin agus mi fhèin (Nicola Neate, Co-òrdanaiche & Teicneòlaiche Bùth-obrach a’ Chlò & an t-Seòmair Dhorcha aig Taigh Chearsabhagh).
Bidh gach Àite-obrach Clò-bhualaidh a tha a’ gabhail pàirt ann an Iomlaid Clò-bhualaidh 20:20 ga chur cuide ri àite-obrach eile – le àireamh co-ionnan de dhaoine a tha a’ gabhail pàirt – agus am-bliadhna-sa chaidh ar cur cuide ri Stirchley Printworks.
Tha mi air na còig pìosan clò-bhualaidh bho Àite-obrach Stirchley Printworks a chur gu h-ìosal.
Helena Brzeski | Dance | Linocut

James Turner | Pat 3 | Legoprint

Megan Reddi | Across the Tundra

Nicole Eveleigh | Seabird | Linocut & Rubberstamp

Sharon Foster | Solar | Screenprint

An ath bhliadhna bhiodh e sònraichte math nam b’ urrainn do Thaigh Chearsabhagh pàirt a ghabhail san tachartas seo le deich chlò-bhualadairean!
Tha an gailearaidh air-loidhne gu lèir airson Iomlaid Clò-bhualaidh 20:20, leis a h-uile Stiùdio Clò-bhualaidh a ghabh pàirt, ri fhaicinn an seo: https://www.2020printexchange.com/2023
A bharrachd air a sin, bu toigh leam an clàr-ama airson cuairt taisbeanaidh 20:20 a shealltainn dhuibh, le ainmean na h-àiteachan agus cinn-là airson 2024:
• Hot Bed Press – Dùbhlachd / Faoilleach
• Northern Print – Faoilleach / Gearran
• Hazlehurst Studios – Cèitean / Ògmhios
• West Yorkshire Print Workshop – Iuchar / Lùnastal
* Taigh-tasgaidh & Ionad Ealain Thaigh Chearsabhaigh – Sultain / Dàmhair *
• Tilleadh gu Hot Bed Press san t-Samhain.
Tha mi a’ cur air dòigh bhùthan-obrach ùra airson a’ bhliadhna romhainn agus ’s urrainn dhomh seiseanan inntrigidh a dhèanamh – cumaibh sùil airson fios às ùr agus feuch gun cuir sibh fios ma tha comhairle no fiosrachadh a dhìth oirbh: taigh@taigh-chearsabhagh.org
