Tha an t-Àite-obrach Clò-bhualaidh agus an Seòmar Dorcha fosgailte agus gan cleachdadh – dìreach a’ feitheamh air barrachd bhuill ùra agus seiseanan gan glèidheadh.
Tha mi a’ dèanamh mion-leasachaidh air na pròiseasan clò-bhualaidh uile, airson an Àite-obrach Clò-bhualaidh agus an t-Seòmair Dhorcha – a’ dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile sian ag obair gu math!


Tha an t-inneal UV ùr beag (dìreach fo mheud A4) – ach uamhasach furasta a chleachdadh agus tha an toradh math – airson clò-bhualadh an dà chuid photopolymer agus cyanotypes.
Tha a’ bheart-chlò bloca/lino air a’ bhòrd cuideachd ag obair gu math – a-rithist beag – A5 aig a’ char as motha.


Chan eil an t-Àite-obrach Clò-bhualaidh agus an Seòmar Dorcha aig Taigh Chearsabhagh mòr, tha iad air an cur air dòigh airson clò-bhualadh meud meadhanach a dhèanamh – tha meud A4 math agus freagarrach air na h-àiteachan-obrach seo. Tha mi ged-thà air glanadh an tanca Ferric Chloride na sheasamh san Àite-obrach Clò-bhualaidh – is mar sin tha e comasach dealbhadh air clàran mòra chopair, ach chan eil goireas ann airson clò-bhualadh a dhèanamh bho chlàran mòra. Tha an Seòmar Dorcha cuideachd teann – mar sin nuair a tha sibh a’ beachdachadh air obrachadh an seo, smaoinich beag ach brèagha!
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun Àite-obrach Clò-bhualaidh agus an t-Seòmar Dorcha aig Taigh Chearsabhagh, no airson seisean a ghlèidheadh, thoiribh sùil air duilleag an làrach-lìn againn.