Home > Event > UistFilm Presents: Aftersun

UistFilm Presents: Aftersun

Fichead bliadhna an dèidh na saor-làithean mu dheireadh aca ann am baile turasachd a bha a’ crìonadh, tha Sophie a’ coimhead air ais air an ùine thearc a chur i seachad le a h-athair gaolach is so-aigneach, Calum.  Aig aois 11 bliadhna, is saoghal nan òigeanach ag eàlaidh a-steach gu sealladh Sophie, tha Calum a’ strì le uallaichean a bheatha taobh a-muigh a bheatha mar athair.  Tha na cuimhneachain aig Sophie a’ toirt dealbh chumhachdach is tiamhaidh air an càirdeas eatarra; is i a’ feuchainn ri tighinn gu rèite le a h-athair air an robh i eòlach, agus an duine air nach robh.

‘Cha diochuimhnich sibh Paul Mescal, air ainmeachadh airson Oscar®, agus cleasaiche ùr Frankie Corio, mar athair agus a nighean thall thairis, sa chiad-taisbeanadh dhrùidhteach aig Charlotte Wells.  A’ sealltainn an fhealla-dhà, briseadh cridhe agus caomhalachd air turas a tha a’ ciallachadh barrachd mar as fhaide a thèid an ùine seachad, tha Aftersun a’ glacadh dealbh teaghlaich le tiamhaidheachd iongantach.’ – MUBI Take

Buannaiche Duais Diùraidh French Touch aig Seachdain nam Breithniche Cannes 2002 agus an Duais Mhòr aig Fèis Film Ameireaganach Deauville.

’S e Aftersun a’ chiad film nas fhaide aig an stiùiriche agus sgrìobhadair Charlotte Wells.  Ag ràdh gu bheil e “làn faireachdainn fèin-eachdraidheil”, bha Charlotte ag iarraidh cladhach a-steach gu “àm eile” sa chàirdeas eadar pàrant agus nighean, seach mar a sgrùd i sa chiad film goirid aice, Tuesday.  Tha an aon faireachdainn dìomhaireachd sin a’ ruith tron fhilm nas fhaide seo, agus, ged a tha a’ mhòr-chùid stèidhichte san àm a dh’fhalbh, a dh’aineoin sin tha e faireachdainn gu math coltach ris an là an-diugh.

Tha UistFilm Presents a’ tabhann sreath fhilmichean mìosail, air an Disathairne mu dheireadh den mhìos, ann an Talla Chàirinis. Tha sinn air ar dòigh Aftersun a shealltainn. 

Tha sinn a’ tòiseachadh structar Pàigh na Thogras Tu airson tiogaidean, far am bi sibh fhèin a’ taghadh dè phrìs tiogaid a bu toigh leibh pàigheadh nuair a tha sibh ga ghlèidheadh.  Nam bu toigh leibh ur taic airson taigh-dhealbh neo-eisimileach a shealltainn, tha sibh làn di-beathte tabhartas airgid a thoirt seachad an dèidh an fhilm.

Prògram UistFilm: Filmichean ri thighinn

24 Ògmhios – My Old School 

Filmichean a chaidh an sealltainn roimhe

25 Gearran – Heading West

25 Màrt – Winners

29 Giblean – This Changes Everything

Airson fios às ùr air a’ phrògram agus fiosrachadh co-cheangailte, ’s urrainn dhuibh iarraidh a’ chuairt-litir aig UistFilm an seo.