Home > Event > UistFilm Presents: Winners

UistFilm Presents: Winners

“Tha thusa anns an taigh-dhealbh cuideachd?” “Tha sin a rèir dè chanas tu a tha “anns an taigh-dhealbh”.

 

Ann am baile beag ionadail ann an Iran, bidh a’ chlann ag obair gu cruaidh airson an teaghlaichean a chuideachadh.  Aon latha tha Yahya, aois 9 bliadhna, agus a charaid Layla a’ lorg ìomhaigh phrìseil.  Tha an ceannard aig Yahya, Naser Khan (Reza Naji) aig a bheil an aon dìoghras airson taigh-dhealbh, gan cuideachadh faighinn a-mach cò leis a tha e.

‘Ùmhlachd mhòr do dh’eachdraidh filmichean agus gaol an taigh-dhealbh!’ – indigokorres

‘… Abair film iongantach, a tha a’ dol fada nas doimhne air na tha gu h-àrd, a’ dèanamh cinnteach urram a thoirt do dhiùlnaich thaighean-deilbh air feadh an t-saoghail, agus gu h-àraid Iran….’ – LUCILLA

Duaisean Neo-eisimeileach Bhreatannach | Taghadh Oifigeil

Buannaiche Duaisean Discovery agus Riochdaire Briseadh Troimhe aig Raindance

Tha UistFilm Presents a’ tabhann sreath fhilmichean mìosail, air an Disathairne mu dheireadh den mhìos, ann an Talla Chàirinis. Tha sinn toilichte Winners a shealltainn – film le Hassan Nazer. 

Tha sinn a’ tòiseachadh structar Pàigh na Thogras Tu airson tiogaidean, far am bi sibh fhèin a’ taghadh dè phrìs tiogaid a bu toigh leibh pàigheadh nuair a tha sibh ga ghlèidheadh.  Nam bu toigh leibh ur taic airson taigh-dhealbh neo-eisimileach a shealltainn, tha sibh làn di-beathte tabhartas airgid a thoirt seachad an dèidh an fhilm.

Thoiribh fa-near gu bheil teisteanas PG aig film Winners.

Prògram UistFilm: Filmichean ri thighinn

29 Giblean – This Changes Everything

27 Cèitean – Aftersun 

24 Ògmhios – My Old School 

Filmichean a chaidh an sealltainn mar thà

25 Gearran – Heading West: a story about a band called Shooglenifty

Airson fios às ùr air a’ phrògram agus fiosrachadh co-cheangailte, ’s urrainn dhuibh iarraidh a’ chuairt-litir aig UistFilm an seo.