Tha an t-Àite-obrach Clò-bhualaidh agus Seòmar Dorcha ùr air a bhith fosgailte còrr is bliadhna a-nis agus tha obair iongantach air tighinn asda.
Chleachd Tara Drummie an t-Seòmar Dorcha airson na dealbhan aice airson bùth-obrach Through the Pinhole a thoirt air adhart. ’S e pròiseact gu math soirbheachail, fosgailte, a bha seo leis a’ choimhearsnachd agus an dèidh an clò-bhualadh, chaidh na dealbhan an taisbeanadh ann an gailearaidh a’ Chafaidh.
Chuir an t-Àite-obrach Clò-bhualaidh agus Seòmar Dorcha air dòigh tachartas Learning and Living Wildness fad 4 latha. ’S e gnothach gu math adhartach a bha seo agus thàinig taisbeanadh ann an gailearaidh a’ Chafaidh às cuideachd.
An dà thuras, bha na beachdan a thàinig air ais bhon dà thachartas seo air leth taiceil, bho na bha a’ gabhail pàirt annta, a bharrachd air bhon phoball – ris an do chòrd na taisbeanaidhean fìor mhath!
Airson na Bliadhn’ Ùire, gus aire a tharraing ri cuairt taisbeanadh Iomlaid Clò-bhualaidh 20:20 a bhios ann an Gailearaidh 1 bhon t-Sultain – Dàmhair 2024, bidh taisbeanadh de chlò-bhualaidhean bho bhuill Thaigh Chearsabhagh a ghabh pàirt san Iomlaid, agus am bùth-obrach ann an compàirt againn, Stirchley Printworks, rim faicinn ann an gailearaidh a’ Chafaidh bho 15 Faoilleach gu 8 Màrt. Chì sibh am postair gu h-àrd.
Chan eil ann an taisbeanadh a’ Chafaidh ach blasad, ach fiù ’s leis am beagan pìosan obrach seo, tha e a’ sealltainn diofar dhòighean-obrach clò-bhualaidh. Chan urrainn dhomh feitheamh chun taisbeanaidh shlàn san t-Sultain-Dàmhair 2024, far an tèid 650 clò-bhualaidhean an sealltainn thairis air mìos. Bidh e brosnachail uimhir a mhodhan obrach clò-bhualaidh fhaicinn, traidiseanta agus co-aimsireil. Seo agaibh gailearaidh air-loidhne airson sealladh ro-làimhe: 20:20 Print Exchange 2023.
Dùrachdan na Nollaige dhuibh uile!
